Eadar-theangachadh Gàidhlig

Faclair

Tha An Darach Earranta comasach air eadar-theangachadh sgrìobhte a dhèanamh eadar Beurla - Gàidhlig no Gàidhlig - Beurla. Tha e comasach dhuinn seirbheis sgiobalta a thoirt seachad airson pàipearan (litrichean, aithisgean, scriopt, leabhraichean is eile) ann an cruth pàipear no faodar a chur air falbh ann an post-d an dreach WORD. Mar as trice, thèid eadar-theangachadh a choileanadh aig ìre 1500 - 1800 facal san latha. Is e neach-labhairt agus sgrìobhaidear dùthchasach a th' anns an eadartheangaire againn a tha a'cleachdadh a' Ghàidhlig gach latha, eadhon bhon dachaigh aige ann an Dùn Èideann, agus tha e eòlach air briathrachas ùr fad raon farsaing de chuspairean, a'toirt a-steach foghlam, slàinte, seirbheisean sòisealta, cùrsan-obrach poileataigeach agus laghail. Tha e air a bhith an sàs ann an obair eadar-theangachaidh fad grunn bhliadhnaichean, a'toirt an t-seirbheis seo do bhuidhnean riaghaltais agus chompanaidhean prìobhaideach.

Faodar seirbheis eadar-theangachaidh mar-aon a thoirt seachad airson suidheachaidhean far a bheil òraidean/deasbadan a'dol air adhart tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha eòlas againn cuideachd air clàradh guthan-teip agus eadar-theangachaidhean CD Rom gu Gàidhlig.

Bheirear sùim seachad le iarratas, ach mar shlat-tomhais coitcheann is e an ìre cosgais a tha stèidhichte airson eadar-theangachadh sgrìobhte £90 gach 1000 facal Gàidhlig (ìre as lugha £25). Airson eadar-theangachadh mar-aon, is e an ìre cosgais a tha stèidhichte £150 san latha (ìre as lugha £25).

Bidh sinn toilichte ar seirbheisean a thabhann dhuibh.